Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Ar Sgioba

Ag obair còmhla, dhuibh fhèin agus dur cloinn

Tha Òganan Dhùn Èideann ag aithneachadh gur e an luchd-obrach againn ar prìomh stòras, airson ‘s nach ann ach air sàilleabh an dealais ‘s an dìchill, a ghabhas solar na h-àirde chàileachd a chur air bhonn gu leantainneach.  Tha sgioba luchd-obrach làidir againn a tha dìoghrasach proifeiseanta.  ‘S e am beachd-san gu bheil feumalachdan na cloinne agus na thogras pàrantan gan stiùireadh an-còmhnaidh ‘s iad a’ cruthachadh àrainneachd aoigheil spòsail bhlàth.  Le sin, ‘s e ar rùn:

  • gun cleachd sinn dòighean trusadh luchd-obrach a bheir taic don phoileasaidh dhìon-cloinne againn agus a brosnaicheas leas na cloinne.
  • nach tagh sinn ach na daoine as fheàrr aig a bheil dìoghras dha-rìribh ann an clann agus ann a bhith nam ball-sgioba.
  • gun cùm sinn deuchainnean farsaing diana mus fhastaidh sinn gach neach-obrach.  Bidh an inbhe againn os barr riatanais Luchd-sgrùdaidh Cùram-cloinne.
  • gun solar sinn sreath de chothroman ionnsachaidh gus sgilean a’ mhanaidseir agus na luchd-obrach a leasachadh.
  • gum bi e na ghnàth-chleachdadh dhuinn iomadachd na h-aoise agus an fhiosrachaidh a chumail am measg bhall an sgioba againn, leis an lìbhrig sinn an taic as fhèarr dhuibhse agus dur pàiste.