Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Prìomh Oibriche

Tha Òganan Dhùn Èideann a’ cleachdadh siostam prìomh oibriche don a h-uile pàiste ge b’ e cia mheud seisean dam frithealaich e gach seachdain.   Thèid prìomh oibriche a chomharrachadh do gach pàrant agus gabhaidh e ùidh shònraichte ann an leasachadh a’ phàiste.

A-rèir ùidhe agus ìre na cloinne, tha siostam a’ phrìomh oibriche a’ toirt fòcas na luchd-obrach againn ‘s iadsan a’ planadh ghnìomhan agus ghnàthan-eòlas do buidhnean-aoise àraidh.  Mar eisimpleir, tha prìomh oibriche againn a bhios ag obair a dh’aona-ghnothach do chloinn ann am P5-P7.  ‘S e ar n-amas a bhith a’ cruthachadh drochaid eadar an dachaigh agus an solar co-thaiceil.  Bidh sinn a’ planadh gu faiceallach airson feumalachdan a’ phàiste fa-leth gus am bi dùbhlan, foghlam agus spòrs ann, ach an-còmhaidh le taice.  Bidh am prìomh oibriche a’ leasachadh tuigse air cò na gnìomhan às an ionnsaich a’ chlann as motha agus a tha a’ còrdadh riutha as fheàrr.

‘S ann air sàilleabh an adhbhair seo a chreideas sinne aig Òganan Dhùn Èideann gu bheil siostam prìomh oibriche a-rèir aoise fìor chudromach.  Tha sinn an dòchas gun aontaich sibh rinn.