Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Uallaichean sòisealta

Tha Òganan Dhùn Èideann an aithneachadh gu bheil sinn nar pàirt de choimhearsnachd nas fharsainge, agus ‘s e tairbheartas na luchd-obrach againn don chloinn, do phàrantan, do Bhun-sgoil Taobh na Pàirce agus don sgìre ionadail a tha aig cridhe a’ chomharrachaidh seo.  Tha e nar rùn gum bi a’ chlann agus an luchd-obrach gam brosnachadh ri beachdachadh air a’ bhuannachd do dhaoine eile a dh’èireas às na nìthean beaga a nì iad.

Bidh a’ chlann agus an luchd-obrach a’ ghabhail phròiseactan os làimh a bheir feabhas air an sgìre aca – chan e gu diofar dè an t-seòrsa rud – ‘s dòcha a’ cur mheacan ann am Pàirc Pilrig, no a’ toirt bèicearachd do thaigh-cùraim faisg oirnn.  Bidh sinn a’ conaltradh ri corra bhuidheann ionadail gus dùrachd shòisealta a chinntinn nar cloinn.  Ma bhios beachd-smuain agaibh air dè an ath phròiseact a dh’fhaodamaid coimhead air, nach cuir sibh brath thugainn aig parantan@oganan.com