Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Buill-acainn

Tha Òganan Dhùn Èideann a’ tabhann measgachadh de ghnìomhan togarrach, agus às dèidh co-luadair ris a’ chloinn, bidh an luchd-obrach againn a’ coinneachadh gu cunbhalach ri chèile a rèiteachadh prògram nan gnìomhan.  A-measg nan gnìomhan, bidh ealain agus obair-làimhe, gnìomhan corporra agus cluichd mac-meanmnach gan lorg an-còmhnaidh.  Chì na pàrantan agus a’ chlann am prògram, a thèid atharrachadh gach seachdain, am broinn na sgoile agus air an làrach-lìn.

Bidh goireasan a leithid buill-acainn spòrs, stuthan ealain is obair-làimhe, gèamaichean-clàir, leabhraichean, aodach-choimheach agus buill-acainn cluiche ri làimh gach latha.