Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Compàirteachais

Bun-sgoil * Cròileagan * Sgoil-àraich

Bidh Òganan Dhùn Èideann a’ brosnachadh dàimh-obrach dhlùth leis na co-oibrichean againn ann am Bun-sgoil Taobh na Pàirce, sa Chròileagan agus san Sgoil-àraich.  Thèid obair chompàirteachail a thaisbeanadh tro roinn sàr-chleachdadh eadarainn agus tro thaic a thoirt don churraicealam agus do na cuspairean làithreach na lùib.  Mar eisimpleir, bidh obair, a thèid a dèanamh airson Latha Leabhraichean an t-Saoghail a chomharrachadh, ga thoirt air adhart san ionad cho-thaiceil agus ga leasachadh nas fhaide.

Tha buannachdan dha-rìribh ann air sàilleabh compàirteachas ri Bun-sgoil Taobh na Pàirce, a thogas agus a chuireas ri cliù làidir agus beus aigneach Foghlam tron Mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

Fàs Mòr

Stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba san Eilean Sgitheanach, tha Fàs Mòr na sheirbheas chùram-cloinne na Gàidhlig do chloinn 0-12 bliadhna a dh’aois.  Tha Fàs Mòr air cur ri leasachadh a’ chompanaidh againn mar-thà, a’ sealtainn dhuinn samhla den chùram-cloinne as fheàrr sa Ghàidhlig, a ghabhas cleachdadh againne cuideachd dar cuid chloinne.  Tha sinn làn dòchais mun chothrom a bhios ann dhuinn a bhith ag obair ann an compàirteachas ri Fàs Mòr, gu h-àraidh fhad ‘s a bhithear a’ leasachadh taice, ghoireasan agus lìonradh do mhanaidsear an ionaid cho-thaiceil.  ‘S e iomairt bhrosnachail a th’ ann an iomlaid fiosrachadh agus gnàth-eòlas mu chleachdadh-cànain (aig an luchd-obrach ‘s aig a’ chloinn) agus sìor-leasachadh proifeiseanta na luchd-obrach.  ‘S cinnteach gum bi tòrr ann ri ionnsachadh bhon a chèile, an dà bhuidhinn nan solaraichean cùram-cloinne na Gàidhlig agus diofraichte a thaobh suidheachadh air an dùthaich agus sa bhaile mhòr.

Oilthigh Ghlaschu

Airson ‘s gun toir sinn na planaichean againn a bhith a’ solar seirbheis co-thaiceil soirbheachail gu buil, agus gus dèanamh cinnteach gum bi na luchd-obrach againn a’ lìbhrigeadh nan cleachdaidhean as fheàrr, tha Òganan Dhùn Èideann air Compàirteachas Rannsachaidh is Tar-chur Eolàis le Oilthigh Ghlaschu a rèiteachadh.  Bidh sinn ag obair gu dlùth le Roinn an Fhoghlaim, còmhla ri comhairiche aig a bheil gnath-eòlas nach beag mu chùram-cloinne agus trèanadh mhanaidsearan ann an Cleachdadh Pàisteachais.  Tha an comhairliche seo a’ teagasg air a’ phrògram BA agus MEd ann an Cleachdadh Pàisteachais, agus chan fhaodadh stiùireadh na b’ fheàrr fhaighinn gus inbhe phròifeiseantachd na luchd-obrach againne a leasachadh, am manaidsear nam measg.

Tha ùidh againn ann an caochladh chuspairean a leasachadh:

  •    trèanadh CPD don luchd-obrach
  •    sàr-chleachdadh a’ chur ann an gnìomh
  •    leasachadh a’ prògraim cho-luadair le pàrantan is le cloinn
  •    tuigse air obair-sgioba agus a cur am feabhas
  •    gnìomhan taobh a-muigh
  •    freagarrachd cùram-cloinne a-rèir aoise
  •    planaichean leasachaidh son t-suidheachadh

‘S e cnag na cùise a th’ ann gum bi luchd-obrach Òganan Dhùn Èideann ag obair gu dlùth ri Oilthigh Ghlaschu.  Bidh sinn ag iomlaid bheachdan-smuain prataigeach a th’ air an dearbhadh a chur ri leasachadh iomlan chlann.  Agus, bu chòir gun cuir seo ri soirbheas leantainneach na seirbheis cho-thaiceil Ghàidhlig againn.  Tha e fa-near dhuinn ri sùil gheur a chumail air leasachaidhean ann an sgoiltean-àraich agus ann am foghlam dà-chànanach san fharsaingeachd, airson ‘s gum mair sinn air thoiseach air treandaichean làithreach na margaid.