Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Cluba na bracaist

Tòrr a barrachd na tost is gràn-bracaist!

Tha seo goireasach dha-riribh son pàrantan a bhios feumach air cùram-cloinne mus tòisich latha na sgoile.  Bidh sinn fosgailte Diluain gu Dihaoine, bho 8m.

Bidh sinn a’ solar bracaist fhallain ann an àite sàbhailte blàth.  Tha sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ chlann a’ cur seachad na h-ùine goirid a th’ aca còmhla rinn sa mhadainn an sàs ann an gnìomhan torrach, a tha cho spòrsail ‘s a ghabhas.

‘S e ùine shocair a th’ ann am bracaist, agus bidh taghadh de ghnìomhan ann, ealan is obair-làimh, tòimhseachan agus gèamaichean a fhreagras dan a h-uile aois.