Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Cluba Co-thaiceil

Chaidh an cluba co-thaiceil aig Òganan Dhùn Èideann a dhealbhachadh gus àite mì-fhoirmeil spòrsail a chruthachadh do chloinn òga air feadh latha na sgoile.  Ma tha àite aca aig an Sgoil-àraich, nì sinn cinnteach gum bi iad ann nuair a dh’fheumas.

Cumaidh sinn clàr adhartas ur pàiste tron Turas Ionnsachaidh, a thèid agaibh ri coimhead air, agus a thèid a chur dhachaigh bho àm gu h-àm.  Cuideachd, cumaidh sinn pasgan de dhealbhan agus dhuilleagan-obrach a nì ur pàiste fhad ‘s a bhios e còmhla rinn.