Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Cluba às dèidh na sgoile

‘S e amas cluba às dèidh na sgoile a bhith a’ solar greis shaor do ur pàiste às dèidh na sgoile.  Bu toil leinn suidheachadh a chruthachadh, far am bi spòrs agus mireadh ann fhad ‘s a bhios a’ chlann a’ conaltradh ri chèile.  Dh’fhaodadh seo a bhith na ghèama ballcoise no iomairt air an stainchear, a’ faighinn stiùireadh bho oide-Fhèise no a’ seinn òran ‘s àm a’ Mhòid a’ teannadh oirnn.  Ma thogras sibh gun toir sinn taic do ur pàiste le leughadh no obair-dachaigh, bheir sinn seo a-steach cuideachd.

Airson an cumail a’ dol gu àm dìnnearach, thèid greim-bìdh a thabhann do ur pàiste, agus bidh deochan agus measan ri fhaighinn fad an t-siubhail air feadh an t-seisein.

Bidh na gnìomhan a leanas gan solar sa chluba às dèidh na sgoile againn:

  • taic le obair-dachaigh/leughadh
  • ealain agus obair-làimhe
  • dèideagan-togail
  • gnìomhan cluiche mas fhìor
  • raon teicneolas fiosrachaidh