Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Poileasaidhean

Aithris-rùin

Bidh Òganan Dhùn Èideann Ltd a’ lìbhrigeadh cùram-cloinne agus foghlam àrd-chàileachd ann an àrainneachd shàbhailte bhrosnachail.  ‘S e ar rùn a bhith a’ solar àite far an tachair ionnsachadh na Gàidhlig tro chluichd agus tro fhoghlam.  Bithear a’ làimhseachadh a h-uile duine mar phearsa fa-leth.  ‘S e ar n-amas a bhith a’ lìbhrigeadh foghlam cùram-cloinne barraichte tron Ghàidhlig – dar clann, dam beatha.

Ar Gealltanas do Phàrantan

  • Bidh sinn a’ solar àrainneachd spòrsail, far am bi na h-inbhean as àirde de chùram ‘s de dh’fhoghlam gan taisbeanadh, a thèid am freagarrachadh ri ùidhean agus feumalachdan ur pàiste.

Ar Prìomhachasan

  • Nì sinn cinnteach gur e sàbhailteachd, sonas agus foghlam ur pàiste na prìomhachasan as àirde againn an-còmhnaidh.

Tha na poileasaidhean agus na modhan-obrach againn a’ stiùireadh solar a’ chùraim agus an fhoghlaim as fheàrr dar cloinn, seirbheas bharraichte don a h-uile pàrant, agus seirbheas shoirbheachail ionad co-thaiceil.  Chaidh an sgrìobhadh co-shìnte ris an reachdas iomchaidh agus ris an fhrèam chonn-riaghlaidh.

‘S e ar miann gun toir na poileasaidhean agus na modhan-obrach fiosrachadh do phàrantan agus taic don luchd-obrach, ‘s iadsan a’ solar an t-seirbheis seo.  Thèid sgrùdadh domhainn a chumail air poileasaidhean agus modhan-obrach aig àm-inntrigidh luchd-obrach agus oileanach.

Lèirmheas

Bidh Òganan Dhùn Èideann a’ toirt lèirmheas air na poileasaidhean, co-dhiù turas gach bliadhna, agus leigidh sinn fiosrachadh ma dheidhinn chun a h-uile duine aig a bheil dàimh ris an ionaid cho-thaiceil.  Bidh seo a’ taisbeanadh gu bheil sinn ag obair, mar bhuidhinn agus mar phroifeiseantaich fa-lath, le beachdachadh agus le rannsachadh air reachdas agus laghan.  Bidh taic agus tuilleadh comhairle ann bho Oilthigh Ghlaschu fo sgèith a’ Chompàirteachais Rannsachaidh is Tar-chur Eòlais a bhios ann eadarainn.

Bu mhath leinn beachdan agus molaidhean bho phàrantan a chluinntinn.

Bidh lethbhreacan de na Poileasaidhean agus na Modhan-obrach againn ri fhaighinn bhon mhanaidsear, agus thèid an taisbeanadh am broinn an ionaid cho-thaiceil.  Tha sinn an dòchas gun toir iad fiosrachadh feumail cuideachail dhuibh.