Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Sgoilearan S6

Am bu toil leat dreuchd le cloinn a thoirt a-mach thu fhèin?  A bheil ùidh agad ann an cùram-cloinne agus foghlam?  Ann an compàirteachas ri Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig, ‘s urrainn dhuinn taic a thoirt dhut leis an dreuchd gu bhith agad tro ghreis shaor-thoileach aig Òganan Dhùn Èideann.  Bu mhath leinn cluinntinn bhuat, co-dhiù tha thu a’ beachdachadh air dè nì thu às dèidh fàgail na sgoile, no tha thu ag obair còmhla ri cloinn mar-thà, no tha thu miannach air do chuid sgilean-cànain a leasachadh.  Tha greis shaor-thoileach ri fhaighinn aig Sgoilearan Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig a tha ag iarraidh gnàth-eòlas fhaighinn air àrainneachd cùram-cloinne a tha taiceil agus spòrsail.  Tha e nar rùn gun leasaich na saor-thoilich againn an cuid sgilean gus an soirbhich leotha ge b’ e dan toir an dreuchd iad.