Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Pàrantan

Tha pàrantan an sàs anns gach taobh de bheatha na sgoile, agus ‘s e taic làidir bho bhuidhinn èasgaidh nam pàrantan a bhios a’ cur ri piseach foghlam tron Ghàidhlig ann an Dùn Èideann.  Mar aithneachadh air an taic seo, agus air sàilleabh ar dealais do phàrantan aig a bheil ùidh ann an tilleadh a dh’obair, tha sinn air prògram a dhealbhachadh a thrusadh luchd-obrach à buidhinn nam pàrantan.  Dh’fhaodadh an fheadhainn seo a bhith nan dreuchdan làn-ùine, pàirt-ùine no fiù ‘s saor-thoileach gus sgil sònraichte a roinn ris a’ chloinn.

Ùidh agaibh?  Sa chiad dol a-mach, bruidhnibh ris a’ mhanaidsear againn, a bheir tuilleadh fiosrachaidh seachad dhuibh gu làn-toilichte.