Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Gàidhlig

Àrainneachd-ionnsachaidh na Gàidhlig far an gabh an cànan a chur gu feum gu nàdarra aig a h-uile duine ann an iomadh co-theacsa agus chan ann a-mhàin am broinn a’ chlais.

- Anna NicPhail, Ceannard

Tha Bun-sgoil Taobh na Pàirce na ciad bun-sgoil le sgoil-àraich tro mheadhan na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, agus chan i ach an treas bun-sgoil a dh’aona-ghnothach son na Gàidhlig ann an Alba.  Le stèidheachadh Bun-sgoil Taobh na Pàirce, tha cothrom dha-rìribh ann ri leasachadh air bunait foghlam làidir air leth agus ri cur ris an àrainneachd fhoghlaim air sàilleabh cleachdadh na Gàidhlig air feadh na sgoile.

Gus an toir sinn an t-amas seo gu buil – gur e Gàidhlig cànan na sgoile – tha e deatamach gun glèidh sinn an fheallsanachd seo gu tùr.

Tha e cudromach gum beachdaich na sgoilearan gu bheil Gàidhlig tòrr na motha na cànan a’ chlais a-mhàin.  ‘S e na shaoileas daoine mu inbhe na Gàidhlig, agus an luach a chreideas iad gu bheil aice, a tha na bhuaidh mhòir air a glèidheadh agus a cleachdadh aig ar daoine òga, mar a bhios fìor airson mion-chànain eile.  ‘S ann tro choinneachadh ris a’ chànan ann an diofar shuidheachaidhean agus ga chur gu feum annta a dh’fhàsas an dà chuid misneachd agus adhartas-ionnsachaidh nan luchd-labhairt òga againn.

Mar as nàdarra an suidheachadh, ‘s ann as èifeachdaiche a tha an tàr-chur, a-rèir a’ phrìomh shocio-cànanaiche, Joshua Fishman.  Tha e soilleir gum biodh Ionad Co-thaiceil na eileamaid sa mhodail taice aig Fishman.

Air feadh an t-saoghail, bidh leasachadh mhion-chànan a’ cleachdadh a’ mhodail bhogaidh làn-sgoile.  Bidh an cànan-targaid ga leudachadh tron sgoil air fad agus air feadh latha an sgoileir a’ gabhail a-steach cùram taobh a-muigh àm na sgoile.  Sa Chuimrigh, bithear a’ tabhann cùram co-thaiceil, Gofal Cofleidiol, na leudachadh air an sgoil fhèin agus tro mheadhan na Cuimris.  Bheir seo an cothrom do chloinn Chuimrich a bhith ag ionnsachadh agus a’ cluiche ann an àrainneachd le fòcas slàn air Cuirmis.

A bharrachd, ‘s e feart gu math fèilleil a th’ ann an dà-chànanas air a’ mhargaid-obrach.  Tha dreuchdan ann far a dh’fheumar ìre àrd de dh’fhileantas agus litearrachd.  Cha bhi litearrachd riatanach fad an t-siubhail, ach bidh misneachd ann am bruidhinn a’ chànain glè fheumail, gus conaltradh a chumail ann an iomadh shuidheachaidhean.

Mar as fheàrr a bheir sinn taic do leasachadh sgilean cànain ar cloinne, ‘s ann as motha a bhios na buannachdan dhaibh nam beatha air fad.

Poileasaidh Chànan

Leis gur e buidheann Ghàidhlig a th’ annainn ag obair taobh a-staigh Bhun-sgoil Taobh na Pàirce, tha e deatamach gun cleachd Òganan Dhùn Èideann Poileasaidh Chànan a tha soilleir làidir.

Tha am Poileasaidh Chànan againn stèidhichte air dà amas fhollaiseach: gun solar Òganan Dhùn Èideann cùram co-thaiceil tro mheadhan na Gàidhlig, agus gun riochdaich Òganan Dhùn Èideann fhèin sàr-chleachdadh ann an leasachadh cànain seach gun tèid an gnothachas oibreachadh gu tùr sa chànan.

Tha e anabarrach cudromach gum bi Gàidhlig na cànan àbhaisteach san ionad cho-thaiceil agus gus cuir a h-uile neach-obrach gu feum i ri cothrom sam bith, gus an toir sinn gu buil an dà amas seo: a bhith nar solaraiche cùram co-thaiceil agus a bhith nar gnothachas Gàidhlig.

Tha seo a’ ciallachadh gur ann aig teis-chridhe ar n-obair a bhios am Poileasaidh Chànan.  Bruidhnibh ri manaidsear an ionaid ma thogras sibh lethbhreac den Phoileasaidh Chànan againn.