Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Cobhair le Obair-dachaigh

Tha obair-dachaigh na pàirt chudromach de dh’fhoghlam ur pàiste agus bidh sinn a’ tabhann cothrom do chloinn ri a dèanamh ann an àrainneachd thaiceil fo shùil neach-obrach.  Tachraidh seo gu cunbhalach air làithean sònraichte gach seachdain.

Thathar a’ sìor-leasachadh Iùl Obair-dachaigh do phàrantan/luchd-obrach/chloinn a bheir dealbh air na tha an dùil, agus tha raon sònraichte againn san ionad airson obair-dachaigh a dhèanamh.  Cho fad ‘s as urrainnear, thèid buairidhean a chumail air falbh.  Bheir sinn seachad luaidheachd airson obrach deimhinnich mhaith (a rèir aois).

Bidh greis de 20 mionaid ann bho dheireadh an latha sgoile mus tòisich obair-dachaigh.  Air feadh na h-ùine seo, faodaidh a’ chlann fois no greim-bìdh a ghabhail, agus le sin bidh iad a’ tòiseachadh as ùr gun a bhith a’ faireachdainn claoidhte.

Coltach ris a h-uile iomairt eile againn, bu mhath leinn an t-Iùl Obair-dachaigh a leasachadh, no atharraichean a thoirt air adhart, a rèir feumalachdan phàrantan.  Bhitheamaid glè thaingeil airson beachdan agus taice bho phàrantan leis.