Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Gnìomhan-cluiche taobh a-muigh

Tha ionnsachadh taobh a-muigh agus cluiche cruthachail aig cridhe na seirbhis againn, agus ‘s e Pàirc Pilrig a tha aig teis-mheadhan ar cuideam air ionnsachadh am broinn nàdair.  Leigidh sinn leis a’ chloinn an sgilean, ùidhean agus tuigse a leasachadh le seal agus leud san àrainneachd nàdarra agus iadsan a’ leantainn sreath de ghnìomhan a chruthaicheas  fiosrachadh dèantach prataigeach.

‘S e fìor-chudrom a th’ ann an sàbhailteachd nuair a bhios a’ chlann an sàs ann an caochladh ghnìomhan-cluiche.  Bidh gach gnìomh ga stiùireadh aig neach-obrach a tha trèanta mar as iomchaidh.

Bidh fòcas nan gnìomhan taobh a-muigh gan eagrachadh ann an cuspairean a leasaicheas briathrachas nan clann airson fiadh-bheatha, lusan, dìtheanan agus craobhan.  ‘S urrainn dhuinn comhairle a shireadh bho Emily Edwards, an t-Oifigear Conaltraidh Gàidhlig aig Dualchas Nàdair na h-Alba gus ar n-eòlas ùrachadh agus prògram de ghnìomhan a phlanadh.  Chaidh Pasgan Foghlam a dh’aona-ghnothach do sgoiltean a chur air bhog o chionn ghoirid a tha loma-làn de bheachdan-smuain airson a’ chothrom a cheapadh ‘s a’ chlann a-muigh.