Òganan
Òganan Dhùn Èideann - Cùram do Chloinn - Taic do Phàrantan

Òganan Dhùn Eideann – Care for Children – Support for Parents

Ceòl

‘S e taobh mhòr dualchas nan Gàidheal ceòl agus cluichd agus tha seo an amharc aig Foghlam tron Ghàidhlig .  Tha mòran de ar cuid chloinne an sàs san Fhèis agus bidh iad a’ cluich aig mòdan ionadal agus nàiseanta.  Tha a’ chlann air fàs nan cluicheadairean snasail mar-thà.

Thathar a’ sìor-leasachadh prògram de ghnìomhan don chloinn anns am bi ceòl agus dràma nan amharc.  Tha am pailteas de luchd-bruidhinn agus de luchd-ciùil againn san sgìre a dh’fhaodadh seiseanan a chumail taobh a-staigh an ionaid cho-thaiceil.

Tha an rannsachadh a chùm sinn air sealtainn gum bu toil le pàrantan an cothrom a bhith ann dan cloinne ri leasanan ceòl agus dràma a ghabhail os làimh mar phàirt den chùram cho-thaiceil aca.  Do mhòran phàrantan, bheir seo lasachadh air an uiread de dh’ eagrachadh agus de shiubhal a th’ ann air sàilleabh a leithid de ghnìomhan air feadh na seachdain no aig an deirsheachdain.

Seinn

Thèid tòrr obair air a dèanamh còmhla ris a’ chloinn ann an sgoil Ghàidhlig  ri ullachadh airson nam mòdan ionadal agus nàiseanta.   Le Òganan Dhùn Èideann, bidh cothrom ann ri seiseanan cunbhalach a chumail leis a’ chloinn.  ‘S ann airson tlachd agus beagan spòrs a bhios an t-seinn seo an àite fìor fhòcas air co-fharpais.